|
|
|
|
|
|
Geneviève Mazin & Fabrice Guillot RETOURAMONT DANCE COMPANY Ana-dhannsair is dìreach-dhannsair
Tha iad a' stiùireadh a' chompanaidh Retouramont bho 1995. Bha an dithis aca a' faighinn eòlas ann an companaidhean fa leth gus an latha ud.
Bha Geneviève Mazin a' dannsa ann an grunn chompanaidhean às dèidh sgoil-dhannsa clasaigeach is nuadh fhaighinn, am measg feadhainn eile le Fabrice Dugied eadar 1985 is 1990, le Roc de Lichen is le Brigitte Dumez eadar 1993 is 1995. Rinn i an sgrìobhadh-dannsa airson "Incrépuscule" ann am pàirc nàdair Château Gaillard ann an 1990 agus am pìos dithis "Derrière le fil" 'na dhèidh ann an 1991. Bha Fabrice Guillot an sàs dannsa an latha an-diugh le Isabelle Dubouloz ann an 1998 agus chaidh e gu Roc de Lichen is Kitsou Dubois mar dhannsair às dèidh sin. Rinn e sgrìobhadh-dannsa "Page d'écriture" le Antoine Le Ménestrel ann an 1990, "Ilinx" le Ingrid Témin ann an 1992 agus pìos bailteil air an robh "La prisonnière" ann an 1993.
Chuir iad ochd obraichean-dannsa air an àrd-ùrlar eadar 1996 is 2003 a stèidhich iad air dìreachd anns an nàdar is ann an raon nam bailtean: "Vertiges", "Avalanche intérieure", "L'Aval", "Traversée Urbaine", "Extraction", "Promenade au bord du gouffre", "Réflexions de façade", "Furie", "Loi de gravité paradoxale" is "L'Avancée du Gouffre".
Tha a h-eisteadaigeachd 'na coimeasgachadh tuigseach, mothachail is òirdheirc de gach goireas sreapadaireachd nam beann agus dannsa an latha an-diugh. Tha iad airson bàrdachd ùr na dìreachd anns an raon nàdarra is bhailteil a chom-pàirteachadh 'nan sgrìobhadh-dannsa.
Thug Ministrealachd a' Chultair san Fhraing grunn phròiseactan dhaibh a tha suidhichte ann an àitichean nàdarra no eachdraidheil ainmeil air sgàth sin, leithid Mont Saint Michel anns an Normandaidh.
|
|
|
|
|