Logo
An t-Eilean Eachdraidh Sù nan Daoine Opara Uile-Làithreach Eachdraidhean Beatha Àite-Cluich Düsseldorf Na Buill Na Naidheachdan

HIORT
MAC-TALLA NAN EUN
Eachdraidhean Beatha




Frank Schulz

Tha Frank Schulz air a bhith a' stiùireadh an taighe-chluich Kontra-Punkt an dà chuid mar cheannard ealain is ceannard gnothachais bho 1983, taigh-cluiche a chaidh a shuidheachadh ann an Düsseldorf ann an 1986 is a gheibh taic-airgid bhon bhaile is an roinn Nordrhein-Westfalen.

Bidh an taigh-cluiche a' dèanamh pìosan airson inbheach is cloinne agus cuiridh e air chois cuirmean-ciùil airson theaghlaichean ann an co-obrachadh le iomadh cuirm-ciùil, mar eisimpleir an WDR Rundfunk-Sinfonie-Orchester, na Düsseldorfer Symphoniker, an Kammerorchester Zürich, am Berliner Barock Compagney is mòran eile.

'S e na tha sònraichte anns an obair-ealain le Frank Schulz gum bi an ceòl fuaighte a-steach mar phrìomh phàirt dhen dràma bhon toiseach. Thèid na cluichean an cur ri chèile còmhla ris na sgrìobhadairean-ciùil mar is trice. 'S e seòrsa de dhràma bruidhinn is ciùil a thig às nach fhaighear an dà chuid san opara tradaiseanta no anns an dràma bhruidhinn agus bidh e a' coimhead ris a' cheangal eadar a' chànan labhartha is seinn is an ceòl. Tha an dòigh seo air a choimheadas Frank Schulz ris a' chuspair a' leantainn ri tradaisean a bhiodh ann fad linntean is nach deach a thrèigsinn ach san linn mu dheireadh nuair a chaidh dràma-ciùil is dràma-cànain an sgaradh bho chèile.

A bharrachd air a obair mar stiùiriche tha Frank Schulz 'na chluicheadair cuideachd is tha e air a bhith ann am barrachd air 20 pìosan a chaidh an sealltainn air feadh na Gearmailte is iomadh fèis thall thairis (Fèis an Earraich ann am Budapest, Fèis Eadar-Nàiseanta nam Balbh-Chluicheadairean ann am Bratislava, Cultura Nova ann an Heerlen is iomadh eile). Fhuair e cuireadh gu iomadh dràma a chaidh air turas thall thairis cuideachd (Oslo, Washington, Chicago, Riga, Wien, Klagenfurt, Innsbruck, Maastricht, Salzburg...).


Eachdraidhean Beatha


Malcolm
Maclean

Lew
Bogdan

David Paul
Graham

Jean-Paul
Dessy

Iain Finlay
Macleod

Jan
Kocman

Frank
Schulz

Gilles
Combet

Geneviève
Mazin

Fabrice
Guillot

Tatiana
Stepantchenko

Ferdinand
Götz

Anna
Murray

Alyth
McCormack

Michael
Klevenhaus