|
|
|
|
|
|
Anna Mhoireach air an àrd-ùrlar ann an Valenciennes (F)
Thogadh Anna leis a' Ghàidhlig ann an Leòdhas. Rinn i obair ann an dràma is filmichean anns na 15 bliadhna a dh'fhalbh agus chlàraich i 3 clàir sholo. Tha i ri a cluinntinn air grunn chlàr eile cuideachd mar sheinneadair is a' cluich an duiseil.
'S e seo ainmean nan clàr:
Out of the Blue; Into Indigo; Trì Nithean
Clàir eile: Na Làithean a' Dol Seachad leis an Lanntair; Boireannaich Albannach le Greentrax; Ar Cànan 's ar Ceòl le Greentrax agus grunn chruinneachaidhean.
Bu ise ceannard a' chiùil airson dealbh-chluich an Traverse Theatre "An Fheannag" le Iain Mac a' Ghobhainn agus "Homers" le Iain Fionnlagh MacLeòid.
Air an àrd-ùrlar bho chionn ghoirid:
Còmhla ri Van Moireastan aig "Fèis Cheilteach Innse Ghall"; aig "Celtic Connections" a' gabhail a-steach "Scottish Women Show" agus "Tachem"; grunn thursan anns an cultarlann "An Lanntair" ann an Steòrnabhagh;
Fèis seinn ann an Conamara; fosgladh an taisbeanaidh "An Leabhar Mòr" ann an Steòrnabhagh is Èirinn; turas tron Ghearmailt, Ameireaga is an Ruis.
Pròiseactan a tha i an sàs ann:
"Tachem" - buidheann dhuislean de bhoireannaich
"Blas" - buidheann seinn Gàidhlig a capella
|
|
|
|
|