Logo
An t-Eilean Eachdraidh Sù nan Daoine Opara Uile-Làithreach Eachdraidhean Beatha Àite-Cluich Düsseldorf Na Buill Na Naidheachdan

HIORT
MAC-TALLA NAN EUN
Eachdraidhean Beatha




David Paul Graham

Rugadh e 1951 ann an Stratford-upon-Avon, Sasainn. Dh'ionnsaich e aig Reading University agus anns a' chlas-mhaighstreachd aig Hans Werner Henze bho Acadamaidh Köln.

Chaidh a ghairm gu Montepulcino (an Eadailt) an dèidh sin a bhith 'na fhear-teagaisg mar "Animatore Culturale" aig an sgoil-chiùil ann agus a chum pìos an taighe-chluiche chiùil ionadail aig an fhèis bhliadhnail a chur air dòigh. Cuir e air chois cùrsa sgrìobhaidh-ciùil ann airson na cloinne is a chuir ri chèile "Tre Opere per Burattini" (Trì Oparan airson Phupaidean) a chaidh a sgrìobhadh is a chluich le daoine òga. Chaidh gabhail ris a' phròiseact seo mar mhodail air feadh na Roinne Eòrpa. Chaidh a ghairm gu sgoil-chiùil Dhüsseldorf an dèidh sin, gu sònraichte airson obair a dhèanamh le daoine òga ann an raon an taighe-chluiche chiùil.

Rinn e obraichean eadar pìosan solo gu ruige obraichean mòra an àrd-ùrlair agus chaidh an cluich is an craoladh air feadh na Roinne Eòrpa is Ameireaga a Deas. Tha ùidh shònraichte aige ann an ionnsramaidean ciùil nach eil cho cumanta ann, leithid a' bhogsa-chiùil, a' ghiotair agus a' champanula (cello aig a bheil teudan-fuaime a-staigh is a-muigh). Sgrìobh e grunn chuairtean seinn (faclan le Hans-Ulrich Treichel, Richard Nöbel, Rose Ausländer, Brecht) le ceòl-taice airson a' bhogsa-chiùil is a' ghiotair am measg feadhainn eile. Chaidh cuid de a obraichean airson chuirmean-ciùil an cluich a' chiad turas aig na fèisean a leanas: Almeida Festival, Lunnainn; Münchner Biennale, München; Columbus Festival, Udine-Udin-Videm; Steirischer Herbst, an Ostair agus ann an iomadh baile ann an Nordrheinwestfalen sa Ghearmailt.

Sgrìobh Graham ceòl airson iomadh dràma rèidio a bharrachd air ceòl film airson Volker Schlöndorff agus Bill Douglas. Tha e ag obair air ceòl/bhideo còmhla ri Harald Klemm (airson "Dolly", iomradh ealain 20 mionaid a dh'fhaid air atharrachadh ginteil, 2000; tha e ag obair air "La Fuga" (An Ruaig) an-dràsta fhèin).

Tha an obair teagaisg a rinn e ann an Düsseldorf is aig pròiseactan anns an Roinn Eòrpa is Cùba a' toirt eòlas air saoghal an sgrìobhaidh chiùil is dèanamh dràma-ciùil do dhaoine òga is luchd-tuatha. Dh'obair gailearaidh Tate, cuirm-ciùil St John's Smith Square agus Taigh-Cluiche Ciùil Nàiseanta na h-Òigridh còmhla ri sgoilearan de sgoil ann an Lunnainn airson an dràma "Lighting the Candle" (pròiseact Phicasso) le libretto agus ceòl. Tha Graham an dùil gum brosnaich pròiseactan mar seo luchd-èisteachd ghnìomhach is bhreithneachail airson ceòl an latha an-diugh. Chaidh a obair anns a' Chlara-Schumann-Musikschule ann an Düsseldorf fhilmeadh le telebhisean na Gearmailte ann an 1993 (far an do sgrìobh is chluich a sgoilearan còig oparan, ceòl film is 300 pìosan ionnsramaideach).

Chaidh pròiseact mu dheireadh a chlas sgrìobhaidh-chiùil, ceòl airson leabhar-èisteachd, ainmeachadh airson an Deutschen Hörbuch Preis 2007 (Duais Leabhraichean-Èisteachd na Gearmailte 2007).


Eachdraidhean Beatha


Malcolm
Maclean

Lew
Bogdan

David Paul
Graham

Jean-Paul
Dessy

Iain Finlay
Macleod

Jan
Kocman

Frank
Schulz

Gilles
Combet

Geneviève
Mazin

Fabrice
Guillot

Tatiana
Stepantchenko

Ferdinand
Götz

Anna
Murray

Alyth
McCormack

Michael
Klevenhaus