Logo
An t-Eilean Eachdraidh Sù nan Daoine Opara Uile-Làithreach Eachdraidhean Beatha Àite-Cluich Düsseldorf Na Buill Na Naidheachdan

HIORT
MAC-TALLA NAN EUN
Eachdraidhean Beatha




Tatiana Stepantchenko
Stiùiriche, gabhaidh i os làimh stiùireadh an dràma

Rugadh i ann am Prokopievsk anns an Ruis is thogadh i ann an Sibiria far an d' fhuair i sgoil-chiùil aig Àrd-Institiùid Mhoskva le Yaroslaw (piàno, seinn chlasaigeach is iùl-ciùil).

Chaidh i gu GITIS ann am Moskva (Acadamaidh Mheadhanach nan Taighean-Cluiche anns an Ruis), clas dràma is stiùireadh le Maria Knebel (an cuidiche a bhiodh aig Stanislavski is Mikhail Tshekhov roimhe). Nuair a chaochail a bean-teagaisg, fhuair i teagasg bho thriùir eile a tha glè ainmeil ann: Leonid Kheifetz, Natalia Zvereva is Oleg Koudriakhov (dràma-ciùil).

Thòisich i air a dreuchd mar chluicheadair leis a' phrìomh dhreuchd ann am musical cultach a' Pherestroika "Klop" (An Fhrìde-Dhuilleige), pìos a chaidh a chluich barrachd air 600 tursan anns an Ruis is san Roinn Eòrpa. A bharrachd air sin bha iomadh dreuchd cudromach aice ann an dràma reapartoraidh anns an Ruis is san Ghearmailt agus bha prìomh dhreuchd aice ann an naoi filmichean.

Chuir i an gnìomh faisg air deich pìosan anns a' Ghearmailt is san Fhraing agus bidh i a' teagasg dòighean dràma, cluiche is trèanaidh airson dràmadachd ruiseach anns an acadamaidh dràma ann am München. Tha i a' stiùireadh trèanadh chluicheadairean proifeiseanta fad iomadh bliadhna a-nis is a' cur air dòigh cluichean aig an Phénix, Scène Nationale de Valenciennes.


Eachdraidhean Beatha


Malcolm
Maclean

Lew
Bogdan

David Paul
Graham

Jean-Paul
Dessy

Iain Finlay
Macleod

Jan
Kocman

Frank
Schulz

Gilles
Combet

Geneviève
Mazin

Fabrice
Guillot

Tatiana
Stepantchenko

Ferdinand
Götz

Anna
Murray

Alyth
McCormack

Michael
Klevenhaus