Logo
An t-Eilean Eachdraidh Sù nan Daoine Opara Uile-Làithreach Eachdraidhean Beatha Àite-Cluich Düsseldorf Na Buill Na Naidheachdan

HIORT
MAC-TALLA NAN EUN
Eachdraidhean Beatha




Jean-Paul Dessy
Fear-sgrìobhaidh ciùil

Tha freumhan làidir aig saoghal Jean-Paul Dessy 'na sgoilearachd chlasaigeach (mar chluicheadair an cello agus stiùiriche-ciùil) is cùisean ciùil eile a tha ùidh aige annta (roc, ceòl dealanach).

Tha fear-ealain againn an-seo a fhuair àrach bho mhire dhealanach Jimi Hendrix agus bho thuinn-fhuaime Giacinto Scelsi agus nach eil a' diùltadh càil, fiù òrain a òige: sèistean a' siubhal mun cuairt, beò-ghlacadh làn-chuimhne a bheir oirnn waltz a dhèanamh, sìor-luasgadh fuaime a tha 'gar criomadh - tha rudeigin 'ga ruagadh, rud a bhios e a' còmhdachadh le mallachdan is fillidhean sleamhnach, a' fuadachadh thaibhsean a shìor-thilleas co-dhiù.

Rinn am fear-sgrìobhaidh ciùil, Jean-Paul Dessy, ceòl airson an àrd-ùrlair uaireannan gu h-àirid airson Hussein Chalayan, Jacques Lassalle, Nicole Mossoux is Patrick Bonté agus Lorent Wanson.

Rinn e obair còmhla ri Christian Fennesz, Scanner agus DJ Olive. Obair a mheasgaich a nòs fhèin le cleasan dealanach. Fhuair e duais Grand Prix Gilson stèisean rèidio poblach Frangach Mhontreal ann an 1997 agus duais Fuga comann luchd-sgrìobhaidh ciùil na Beilge ann an 1999. Chaidh a phìosan an cluich anns an Fhraing (Ircam, Présences, Manca, Musica), san Eadailt, san Spàinn, ann an Sasainn, sa Ghearmailt, san Eilbheis, sna Tìrean Ìsle, ann an Canada, san Ruis, san t-Sìn, sa Phòlainn, san Romàinia, sa Chròthais, san Usbagastàn is san t-Sèapain.

Bhiodh am fear-cluiche cello Jean-Paul Dessy 'na bhall san 'Maximalisten!Gruppe' agus chuir e 'Quatuor Quadro' air chois a thug barrachd air 40 pìosan ùra gu chiad sealladh. Thug e iomadh saothair sholo agus consart gu chiad sealladh cuideachd is a chaidh an coisrigeadh dha (le Victor Kissin, Claude Ledoux, Frederic Rzewski, Hao-Fu Zhang is daoine eile). Thionnsgain e iomadh ciad sealladh beilgeach de shaothraichean le Olivier Messiaen, Giacinto Scelsi, Alfred Schnittke, Tan Dun, Eric Tanguy is daoine eile.

Mar stiùiriche-ciùil, ghnàthaich Jean-Paul Dessy na saothraichean gu lèir aig Giacinto Scelsi is Witold Lutoslawski airson chuirmean teuda le Orchestre Royal de Chambre de Wallonie. Stiùirich e ciad seallaidhean - leis a' chòmhlan 'Musiques Nouvelles' mar as trice far a bheil e 'na cheannard ciùil - de bharrachd air leth-cheud obraichean ùra le luchd-sgrìobhaidh ciùil leithid Iancu Dumitrescu, Philip Glass, Ryoji Ikeda, François-Bernard Mâche, Pauline Oliveros, Horatio Radulescu, Fausto Romitelli, David Shea, Giovanni Sollima, Atau Tanaka is Dimitri Yanov-Yanovsky. Taobh a-muigh an raon chlasaigeach, Nochd Jean-Paul Dessy ri taobh sheinneadairean leithid Arno, An Pierlé, Stephan Eicher, William Sheller is Louis Chedi; luchd jazz mar Palle Danielsson, Paolo Fresu agus Diederick Wissels; agus sgrìobhadairean-dannsa leithid Anne-Teresa De Keersmaeker, Frédéric Flamand agus Wim Vandekeybusz.


Eachdraidhean Beatha


Malcolm
Maclean

Lew
Bogdan

David Paul
Graham

Jean-Paul
Dessy

Iain Finlay
Macleod

Jan
Kocman

Frank
Schulz

Gilles
Combet

Geneviève
Mazin

Fabrice
Guillot

Tatiana
Stepantchenko

Ferdinand
Götz

Anna
Murray

Alyth
McCormack

Michael
Klevenhaus