Logo
An t-Eilean Eachdraidh Sù nan Daoine Opara Uile-Làithreach Eachdraidhean Beatha Àite-Cluich Düsseldorf Na Buill Na Naidheachdan

Àite-Cluich Düsseldorf
Eachdraidhean Beatha




Michael Klevenhaus
air an àrd-ùrlar ann an Düsseldorf (D)

Rugadh e ann an 1961 agus tha e a' fuireach faisg air Bonn ann an taigh am meadhan nam beanntan, an Siebengebirge. Dh'ionnsaich e eòlas dùthaich na Rìne agus cruinn-eòlas aig Oilthigh Bhonn agus thòisich e air dreuchd ann an dràma ann am buidhnean dràma saora ann am Bonn mus d' fhuair e a' chiad chùmhnant seasmhach aig Comedia Colonia, taigh-cluiche na cloinne is an òigridh ann an Köln. Dh'fhalbh e air tursan fada is farsaing còmhla ri air feadh na Gearmailte is nan dùthchannan faisg oirre le diofar buidhnean a bharrachd air fastadh ann an taighean-cluiche saora, leithid Piccolo-Theater Köln is JUTA ann an Düsseldorf agus taighean-cluiche nam bailtean.

Thòisich e air Gàidhlig na h-Alba ionnsachadh aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 1996, Colaiste na Gàidhlig air an Eilean Sgiathanach. Tha e ag obair mar fhear-naidheachd airson BBC Radio nan Gàidheal bho chionn 1999 agus 's e esan a' chiad Ghearmailteach a thaisbean prògram anns a' Ghàidhlig anns an t-sreath TBh Eòrpa.

Tha e a' teagasg na Gàidhlig agus seinn Ghàidhlig ann an Ionad na Gàidhlig agus a Cultar anns a' Ghearmailt ann am Bonn bho chionn 2002, ionad a chuir esan air chois.

Tha e ag eagrachadh FILMALBA, fèis filmichean is cultar na Gàidhlig a thachras a h-uile dà bhliadhna, o chionn 2003 is aig a bhios diofar cuspairean:
'S e an Ceòl Mòr a bha 'na chuspair ann an 2003, Litreachas na Gàidhlig agus Leabhar Mòr na Gàidhlig ann an 2004 agus Cultar Tuath nan Gàidheal ann an 2006. Bidh e a' co-obrachadh gu dlùth le luchd-ealain anns an iomairt sin, leithid Ailean MacDhòmhnaill, pìobaire à Gleann Ùig, Karen Marshalsay, clàrsaiche, no BBC Alba.

'S e esan a' chiad Ghearmailteach a rinn ceum maighstreachd sa Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2005 agus tha cumhnant teagasg na Gàidhlig aige bho Oilthigh Bhonn.

Bidh Mìcheal Klevenhaus a' foillseachaidh rosg is bàrdachd Gàidhlig gu cunbhalach ann an Alba agus 's e esan a sgrìobh a' chiad treòraiche cànain airson na Gàidhlig anns a' Ghearmailtis 'Schottisch-Gälisch Wort für Wort'. Bidh e a' teagasg clasaichean samhraidh airson luchd na Gearmailtis ann an Uibhist a Deas. Tha meas mòr aig an luchd-èisteachd is an luchd-naidheachd air na h-oidhcheannan seinn Ghàidhlig a chuireas e air dòigh mar thursan dlùth-eòlach, fiosrachail is spòrsail do chultar Gàidhlig nan Eilean Siar is na Gàidhealtachd.

Tha e a' sgrìobhadh ùr-sgeul anns a' Ghàidhlig an-dràsta agus leabhar-teagaisg na Gàidhlig.


Eachdraidhean Beatha


Dominikus
Burghardt

Frank
Schulz

Jan
Kocman

Michael
Klevenhaus

Mathias
Haus

Mari
Terada

Jaqueline
Hamelink

Andreas
Roth

Jörn
Wegmann

Alexander
Pankov

Annette
Bieker

Antonia
Schnauber

François J.-C.
VanEeckhaute

Guido
Markowitz

Sabine
Lindlar

Alice
de Souza

Eduardo Castro
Neves

Kenneth R.
Henry