Logo
An t-Eilean Eachdraidh Sù nan Daoine Opara Uile-Làithreach Eachdraidhean Beatha Àite-Cluich Düsseldorf Na Buill Na Naidheachdan

Àite-Cluich Düsseldorf
Eachdraidhean Beatha




Mathias Haus
beum-ceòl

Rugadh e ann an 1963 is dh'ionnsaich e beum-ceòl clasaigeach ann an Düsseldorf agus jazz vibraphone ann am Boston le Gary Burton agus cheumnaich e ann an sgrìobhadh/rèiteachadh jazz.
Tha e 'na fhear-teagaisg aig oilthigh Köln san roinn ionadail ann am Wuppertal.

Tha grunn phròiseactan air a bhith aige fhèin ("HAUS", pròiseact Mathias Haus, cuirm dithis le Philipp v. Endert is Vladislav Sendetzki, Düsseldorf Percussion, comann Cathair an Eige), consartan anns a' Ghearmailt is thall thairis (fèis jazz Mhontreux, fèis ciùil Rheingau, Talla Tchaikovsky am Moskva, làithean jazz Leverkusen, fèis ciùil Oleg Kagan/Claudio Abbado (fear-taic), Schumannfest Düsseldorf) agus clàir CD (Critics Choice anns a' Ghiblean 2002 am measg feadhainn eile).

A' sgrìobhadh torr obraichean ciùil. Foillseachaidhean teagaisg ann an irisean ciùil (NMZ, fermate is feadhainn eile), fhuair e cuireadh a chluich air iomadh CD (Klaus König, Kaufmann, Willy Ketzer) agus cuireadh a chluich 'na aonar bhon WDR, SWR agus HR Bigband. Duais John Dankworth, duais Gary Burton, duais brosnachaidh baile Düsseldorf, Jazzpott 2002 (duais jazz an Ruhrgebiet, am measg feadhainn eile fhuair Claudio Puntin, Peter Weniger is Uri Caine duaisean cuideachd).

Chuir am buidheann chonsartan Heinersdorff sreath còig chonsartan air chois airson Mathias Haus 'na sgrìobhadair-ciùil is cluicheadair an vibraphone ann an 2002.


Eachdraidhean Beatha


Dominikus
Burghardt

Frank
Schulz

Jan
Kocman

Michael
Klevenhaus

Mathias
Haus

Mari
Terada

Jaqueline
Hamelink

Andreas
Roth

Jörn
Wegmann

Alexander
Pankov

Annette
Bieker

Antonia
Schnauber

François J.-C.
VanEeckhaute

Guido
Markowitz

Sabine
Lindlar

Alice
de Souza

Eduardo Castro
Neves

Kenneth R.
Henry