Logo
An t-Eilean Eachdraidh Sù nan Daoine Opara Uile-Làithreach Eachdraidhean Beatha Àite-Cluich Düsseldorf Na Buill Na Naidheachdan

Àite-Cluich Düsseldorf
Eachdraidhean Beatha




Alexander Pankov
bogsa-ciùil

Rugadh e ann an Voronezh, anns an Ruis, ann an 1971 agus fhuair e a chiad teagasg ciùil aige, ann an cluiche a' bhogsa-chiùil, anns an sgoil chiùil ionadail ann.

Chaidh e gu sgoil shònraichte airson cloinne a tha fìor mhath air ceòl aig oilthigh ciùil Novosibirsk nuair a bha e 13 bliadhna agus dh'ionnsaich e leis an Urr A W Krupin. Nuair a cheumnaich e bhon sgoil, thòisich e air ceum ciùil àbhaisteach aig oilthigh ciùil Novosibirsk.

Thòisich Alexander Pankov air teagasg san oilthigh ciùil ainmeil seo nuair a bha e a' dèanamh ceum a bharrachd ann an consart-eòlas ann.

Thàinig e dhan Ghearmailt a chum eòlas fhaighinn air tradaisean cèol an iar agus rinn e ceum a bharrachd aig oilthigh ciùil Köln, san roinn ionadail ann am Wuppertal le E A Buchholz ann an 2000 agus ceum a bharrachd aig oilthigh ciùil Köln far an do rinn e ceum ann an consart-eòlas.

Fhuair e duais aig na co-fharpaisean eadar-nàiseanta ann an Cherepovets ("Cuach Taoibh a Tuath") agus ann am Voronezh ("5mh Co-Fharpais Thar-Ruiseach") agus fhuair e chiad duais aig tè ann an Vladivostok ("Cuach Taobh an Ear") agus aig co-fharpais eadar-nàiseanta ann an New York "Golden Accordion".

Tha Alexander Pankov ag obair còmhla ris na cuirmean-ciùil simphneach is taighean-cluiche Bhochum, Hagen, Dhortmund, Mhünster, Bhonn, Neuwied, Krefeld, Mhönchengladbach, Wuppertal, Köln is Novosibirsk agus còmhla ri WDR Köln agus iomadh cuirmean eadar-dhealaichte.


Eachdraidhean Beatha


Dominikus
Burghardt

Frank
Schulz

Jan
Kocman

Michael
Klevenhaus

Mathias
Haus

Mari
Terada

Jaqueline
Hamelink

Andreas
Roth

Jörn
Wegmann

Alexander
Pankov

Annette
Bieker

Antonia
Schnauber

François J.-C.
VanEeckhaute

Guido
Markowitz

Sabine
Lindlar

Alice
de Souza

Eduardo Castro
Neves

Kenneth R.
Henry