|
|
|
|
|
Eachdraidhean Beatha
|
Jaqueline Hamelink Cello
'S e cluicheadair cello a tha innte nach urrainn dhi fan 'na tàmh.
Ged is e talla consairt clasaigeach a dachaigh, tha air sìor thòir sgilean ciùil ùra is seòmraichean cluiche ùra.
Thig na h-ealain cruthachail, am fasan, dràmadachd, grian-dhealbhachd, bàrdachd, dealbhadh, ailtireachd agus ceòl ùr de sgrìobhadairean beòtha còmhla, a' cruthachadh a beachd fhèin de thaigh-cluiche freagarrach airson an latha an-diugh.
Gluasadan, seinn, dannsa, dràma, dealbhadh, cur air chois is cruthachadh phròiseactan i fhèin - ann am facal, cluiche air beulaibh is le èisteachd ùr a tha a' sìor atharrachadh, sin dearg mhiann a cridhe.
Tha i airson 's gun suath a teudan ris an èisteachd agus gum bris iad am balla-bacaidh eadar d' inntinn is d' fhaireachdainnean.
Dh'ionnsaich Jacqueline Hamelink an cello, am measg feadhainn eile le D. Ferschtman, M. Iancovici, Ran Varon agus Michel Dispa, cluiche ann an cuirmean le Benzion Shamir, Ron Ephrat, Het Vermeer Kwartet, Ervin Schiffer agus Valentin Berlinsky bhon "Borodin Quartett". Chuir i a' chuirm dithis "Dubbelduet" air chois còmhla ri cluicheadair an cello Eduard van Regteren agus tha a' chuirm a' dèiligeadh ri ceòl ùr mar is trice. Thòisich an co-obrachadh le "Mondriaan Quartett" tro mheadhan Eduard van Regteren cuideachd.
A bharrachd air na nì i ann an taighean-cluiche, tha i a' teagasg aig Factorium Tilburg agus a' cluich ann an cuirm-chiùil a' bhaile gu cunbhalach (Metropole Orkest, MCO-Radio Holland).
|
|
|
|
|