|
|
|
|
|
Eachdraidhean Beatha
|
Eduardo Castro Neves Dannsair
Dh'ionnsaich Eduardo Castro Neves dràma is dannsa 'na dhùthaich, ann am Braisil, aig Conservatório de Dança Eloisa Menezes agus aig Casa de Cultura Laura Alvin ann an Rio de Janeiro. A bharrachd air sin dh'ionnsaich e na h-ealain gnìomhach, le cudrom air Morden Dance agus sgrìobhadh-dannsa aig Wichita State University. Thug e a-mach BA ann an conaltradh-eòlas aig oilthigh FACHA ann an Rio de Janeiro.
Dhanns e fo stiùireadh Fábio de Mello airson BCRJ (Balé Contemporâneo do Rio de Janeiro) fad 3 bliadhna ann am Braisil agus bha e an sàs grunn phìosan. Rinn e obair airson a' chompanaidh MADT (Mid-America Dance Theatre) fo stiùireadh Kim Stephens agus Carol Iwasaki anns an Stàitean.
Chaidh e dhan Ghearmailt ann an 1997 far an d'fhuair e a' chiad chùmhnant le opara Bhonn. Tha e air a bhith an sàs diofar phìosan nàiseanta is eadar-nàiseanta bhon uairsin, am measg feadhainn eile turas le Dance-Link air feadh na Gearmailte is na h-Òlaind is esan a' dannsa airson Tamara Stiùbhairt NicEòghainn agus Martin Butler 'nam pìos dannsa "Walter the Rabbit that Ran with the Wolves", pìos a fhuair duais.
Dhanns e ann an "Duett 2001 - how are you today?" le Alexandra Dederichs (Köln is Düsseldorf) agus ann an "Abstraktionen - er und sie" (Eas-chruthachdan - esan is ise) le agus còmhla ri Catharina Gadelha (Köln, München, Ludwigsburg, Dresden agus Stuttgart) ann an 2001. Tha e air a bhith a' teagasg bhon uairsin agus tha e 'na fhear-teagaisg teisteanaichte de Vinyasa Yoga bho 2005.
Sheall Eduardo Castro Neves a' chiad phìos a rinn e fhèin ann an Köln anns an Ògmhios 2002, "No longer alone". Bha cothrom aige a phìos solo "Thirst" a chur air an àrd-ùrlar am bliadhna sin cuideachd aig Tanzblende Köln. Chaidh a chluich a-rithist aig an fhèis eadar-nàiseanta, Tanzwoche Dresden, ann an 2003.
Chuir e ri chèile barrachd pìosan e fhèin gu ruige 2007 a chaidh an sealltainn ann an Köln is bailtean eile na Roinne Eòrpa. Bha "OUTBREAK" (2004), "The burden of being a necrophile" (2005) agus "Manual for a better living" (2007) 'nam measg.
Rinn e obair mar dhannsair bho chionn ghoirid le Jennifer Mann/Heidi Weiss (Berlin, Dresden, Festival International de Artes Escénicas de Sevilla 2007), Olivier Gabrys (Lyon, Dole, Montreux 2007), Sebastian Eilers (Nürnberg 2006), Eun-Ok Choi (Paris 2005), Francesca Stampone (Firenze 2005), Susan Buirge (Fondation Royaumont, an Fhraing 2004).
|
|
|
|
|