|
|
|
|
|
|
"Chan eil ann an Hiort ach trì eileanan beaga 7 cóig sgurran loma. Tha an t-eilean mór, còmhla ris a' chorr de na h-eileanan, suidhichte ann an roinn den chuan air an robh Deucaledonian bho shean. Theirinn-sa gum bheil e mu thuaiream air domhan-leud ochd ceuman deug ar fhichead is deich mionaid ar fhichead ma tha an t-àireamhachadh coitcheann ceart; tha i ochd mìle deug air fhalbh bho Uibhist a Tuath, a b' àbhaist a bhith aig Hiort anns na linntean a dh'aom agus fichead mìle bho na Hearadh, a tha 'na eisimeileachd ri Hiort, mar a dh'fhaodar a ràdh.
Tha an t-eilean seo trì mìle Sasannach a dh'fhaid bhon ear chun iar 7 dà mhìle Sasannach a leud bhon deas chun tuath. Chan eil àite air an eilean, ach a-mhàin àite anns an iar-thuath air a bheir mi iomradh nas fhaide air adhart 7 àite eile anns an ear-dheas, nach eil air a chuairteachadh le balla de chreagan do-shreapte...
Chaidh fàilte a chur oirnn le cinneadh glé fhialaidh de dhaoine borba (nam b' fhiach iad an t-ainm seo), a' nochdadh càirdeis cridheil is meas móir."
An t-Urramach Coinneach MacAmhlaigh - ministear Àird nam Murchan ann an 1973 - is miseanaraidh ann an Hiort, bho Chomann Sgaoileadh a' Chreidimh Chrìosdaidh.
|
|
|
Europäische Vereinigung für Kammeroper und Musiktheater e.V.
Heyestrasse 116
D-40625 Düsseldorf
Fòn: +49-+211-929 35 82
Facs: +49-+211-929 35 74
|
|
|
|
|