|
|
|
|
|
Dìreach mar shanas ràdair, dìreach mar am fear a' tha 'ga shìor-chraoladh le stèisean farchluais an airm a chaidh a thogail ann le Arm Bhreatainn anns a' Chogadh Fhuar, dìreach mar sin thèid comharra a' bheatha mas-fhìor a shìor-chraoladh à Hiort, mar riomball anama a tha a' ceangal cuimhne nan daoine air an eilean seo ris a' chorr dhen t-saoghal.
|
Tha sgeulachdan mun na Hiortaich a' cur cudrom air dlùth-chomann nan daoine a bhiodh air am figheadh ri cèile a cheart cho dlùth 's a bhiodh na siomain aca a cheangladh iad ris na creagan a tha cho cas is iad 'gan sreap ann am buidhnean. 'S e na siomain seo na nithean a bu luachmhoir a bhiodh ann am beatha làitheil nan daoine seo nach robh eòlach air an roth no air an sgàthan. Rachadh an aodannan is an eachdraidhean fa leth còmhla ann am Pàrlamaid Hiort - tè nam fear is tè nam bean - coinneamhan a bhiodh coltach ri cluichean Ting nan Lochlannach far an deach co-dhùnaidhean an dèanamh còmhla a-mhàin.
Dh'fhàs an t-opara seo air a bheil "Mac-Talla nan Eun" às a' bhrosnachadh daonna seo. Tha e a' tighinn às a' cheòl, às na gluasadan is às a' chànan. Tha e a' toirt urram do bhrosnachadh is riaghailtean a' chultair àrsaidh seo ach tha e a' cur gu feum dòighean conaltraidh ealanta an latha an-diugh ge-tà.
|
Thig am fear aig am biodh cùram an eilein anns na 40an air ais a Hiort air na h-oidhcheannan-cluiche, còmhla ri sgioba film agus tachraidh e air làrach sìobhaltas agus còmhla ri ceòlraidh, bana-sheinneadair Gàidhlig a chuireas an t-eilean fo gheas le a seinn. Thèid na dealbhan seo an craoladh air saideal agus thèid clàir film an cur ris anns am bi buidheann de chluicheadairean Gàidhealach a' toirt sealladh air beatha an eilein dhuinn. Chì sinn dìreach-dhannsa bho ana-dhannsairean a' bhuidhinn "Retouramont", air a' bhrosnachadh le beatha "sluagh nan eun".
Thèid na fuaimean is na dealbhan uile seo, còmhla ri seallaidhean an nàdair, an craoladh bho Hiort dhan tìr-mhòr agus do na h-àrd-ùrlaran eadar-dhealaichte air tìr-mòr na Roinne Eòrpa. 'S ann an-siud a thèid an cur ris na ceòl nan còisirean is nan cuirmean-ciùil a chuireas neartachadh, iomradh is brosnachadh riutha.
Còmhla ris na dealbhan a bhios air an sealltainn air iomadh sgàilean-tilgeil, bidh na cluichean a nithear air gach àrd-ùrlar a' cur ris an t-saothair chruinneil seo: saothair opara uile-làithreach.
|
Tha sinn a' cur cudrom air sìmplidheachd sgriobtarail na sgeulachd seo: beatha sìmplidh ach pàrrasail coimhearsnachd thùsail agus briseadh a-steach an t-saoghail, fuadachadh nan Hiortach chun an Ecsodus. 'S e samhail drùidhteach a tha ann, fear a tha fiù prìomh shamhlach.
Leis na tha againn de theicneolas fuaime, 's urrainn dhuinn fuaimean a chur ris an t-saothair-chiùil gu lèir, fuaimean a bhios an dara cuid mar a chaidh an clàradh no air an sgeadachadh: a' ghaoth is fuaim na mara de gach seòrsa, na h-eòin-mhara mhòra, cànan nan tùsanaich. Ann am facal, 's e cùl-ionad sgeul nan daoine seo gu lèir a bheir brosnachadh do ar comas-smaoineachaidh: a' faireachdainn na mòrachd is na sìorraidheachd, dubh-rùn bigead nan eilean, an fhaire dhùinte agus, eadar dà sgeul, farsaingeachd dho-chreidsinneach a' Chuain Siar ann agus a rùintean.
Tha a' Ghàidhlig 'na buaidh cuideachd gun teagamh is i 'na seòrsa de Leitmotiv.
Tha an ceòl air Hiort air a bhrosnachadh leis na h-òrain is na h-òrain luaidh Ghàidhlig thùsail. Bidh an "fhreagairt" dha a thig bho thìr-mhòr na h-Alba is na Roinne Eòrpa a' crochadh ri deinead na seinne.
|
Chaidh an ceòl a sgrìobhadh air dòigh 's gun urrainnear ceòl-rèimeadh nan diofar adhbharan-tòiseachaidh a dhèanamh gu furasta anns a h-uile suidheachadh. Thèid na tuinn-fhuaime a thig bho Hiort an co-measgadh is co-aonadh leis na màthraichean-fuaime eile.
|
|
|
|