Logo
An t-Eilean Eachdraidh Sù nan Daoine Opara Uile-Làithreach Eachdraidhean Beatha Àite-Cluich Düsseldorf Na Buill Na Naidheachdan

Hiort / A' Bhreatainn Mhòr
Steòrnabhagh / Alba
Valenciennes-Valencijn / An Fhraing
Mons-Bergen / A' Bheilg
Düsseldorf / A' Ghearmailt
Hallstatt / An Ostair
FÈIS EÒRPACH AIRSON
TAIGH-CLUICHE CIÙIL ÙR

Opara 6 Làithean

21 Ògmhios 2007 - 26 Ògmhios 2007




Còig dùthchannan, aon sgeulachd: Hiort - Mac-Talla nan Eun

Bidh còig dùthchannan na Roinne Eòrpa a' cluich saothair dràma-ciùil "Hiort - Mac-Talla nan Eun" aig an dearbh am air còig àrd-ùrlaran, fuaighte a-steach ann an dealbhan beò à Hiort aig 9f, 21 dhen Ògmhios mar dheuchainn mhòr agus 22 dhen Ògmhios mar chiad sealladh.



Compàirtichean Culturach


Innsidh còig dùthchannan eòrpach sgeulachd muinntir a chaidh à bith agus cultar air iomall na Roinne Eòrpa a chaidh à bith - air a h-innse tro mheadhan opara an latha an-diugh.

'S e eilean nan rùn ann an taobh a tuath a' Chuan Siar a tha ann an Hiort, àite a chaidh a thrèigsinn leis na Diathan. Chaidh a' mhuinntir a bhiodh a' fuireach ann bho chèin nan cian a fuadachadh às an eilean ann an 1930 agus dh'fhàg iad criomagan de sgeulachdan dìomhair is rùin do-fhuasgladh. Tha am pròiseact opara ioma-nàiseanta seo, "Mac-Talla nan Eun" a' cuimhneachadh air cultar eilean an taoibh tuath seo, àite-breith iomadh faoin-sgeòil mòir na Roinne Eòrpa is e a' ceangal opara, dràma agus ana-dhannsa ri chèile.


Spreigidh "an t-eilean air iomall an t-saoghail" faireachdainnean àrsaidh, àite far nach eil nì beò an-diugh ach na mìltean de dh'eòin.

Thèid brosnachadh a thoirt dhan Ghàidhlig cuideachd leis an dràma seo agus le dràmadachd opara a tha a' togail a neart à cuimhne iongantach, à ceòlmhorachd, à dualchainntean, à rithimean agus à bàrdachd a' chànain, cànan àrsaidh a tha aig muinntir nan eun.

Ciamar a bhiodh na daoine seo a bha air an sgaradh bhon chorr dhen Roinn Eòrpa a' conaltradh ri chèile agus ciamar a dh'atharraich seo le "conaltradh leis a' chorr dhen t-saoghail"? Carson a chaidh an t-eilean a thrèigsinn? Tha sinn an dùil an sgeulachd seo innse dhan Roinn Eòrpa gun a bhith a' briseadh a-steach air àite a tha cho slàn. 'S e pàirc nàiseanta a tha anns na h-eileanan agus mar tèarmann UNESCO 'na sgìre dhùinte is air a dhìon. Tachraidh an dràma tùsail air an eilean fhèin agus thèid a chraoladh le taic agus thèid a cheangal ri grunn àitichean air tìr-mòr na h-Alba agus na Roinne Eòrpa.

Thig an t-saothair gu lèir ri chèile leis a' cheòl is an dannsa a thachras mar aon. Thèid "uile-làithreachd" bàrdachd is ciùil a chruthachadh le taic nan saideal is ceangal-lìn àrd-astar. Agus leis a sin, bidh cothrom ann gun teagamh airson dòigh ùr de chonaltradh ealain is cothrom neo-chumanta ar bogadh ann an co-chuimhne na Roinne Eòrpa agus a sgrùdadh as ùr.


Hiort ann an teis-mheadhan bàrdachd cuimhneachaidh ùr

'S ann air a dhìomhchuimhneachadh air fìor iomall an t-saoghail a bha eilean muinntir nan eun fad linntean ach thèid a chur air ais a-rithist ann an teis-mheadhan saoghail mac-meanmnach a chaidh a tharraing às a neo-shuimealachd fad na h-ùine a mhaireas an t-opara.


Amasan:
  • An ceangal eadar an t-saoghal "sìobhalta" agus an t-eilean falamh ath stèidheachadh.
  • Spiorad coimhearsnachd Hiort a bha cho fad às a' chumantas a ghiùlan dhan Roinn Eòrpa.
  • Àitichean annasach anns an Roinn Eòrpa a cheangal ri chèile tro mheadhan an teicneolais as ùire.
  • Coinneachadh mas-fhìor nan cultar a chur air dòigh ann an àitichean an opara.
  • Co-obrachadh samhlachail de luchd-cruthachaidh ealain anns an Roinn Eòrpa: cuspair cumanta, air a thoirt seachad bho chòig taobhan eadar-dhealaichte.


Luchd-Taice


Coimisean an AE


Riaghaltas Roinneil NRW
Cathair Düsseldorf
Urras nan Ealan is a’ Chultair an Stadtsparkasse Düsseldorf Kunststiftung NRW
Fonds Darstellende Künste e.V.
Stiftung Van Meeteren
Vysoká škola
múzických umení

EVKM