Logo
An t-Eilean Eachdraidh Sù nan Daoine Opara Uile-Làithreach Eachdraidhean Beatha Àite-Cluich Düsseldorf Na Buill Na Naidheachdan

HIORT
MAC-TALLA NAN EUN
Eachdraidhean Beatha




Jan Kocman
Fear nan Culaidh

Cheumnaich Jan bho Oilthigh nan Ealan Gnìomhach ann am Bratislava anns an raon Sealladh-Eòlas Dràma Phupaidean. Fhuair e dotaireachd as dèidh sin le obair air "Das Kostüm in der Szenographie" (A' Chulaidh anns an t-Sealladh-Eòlas) anns an clas aig an Urr Corba.
Tha e ag obair anns an roinn seo mar fhear-teagaisg cuideachd an-diugh.

Tha liosta nan saothraichean ealain a bhean e ris glè fhada is iomadach. Bidh Jan Kocman an sàs dealbhadh chulaidhean is seallaidhean an àrd-ùrlair airson iomadh taigh-cluiche anns an t-Slòbhac ais thall thairis (Lunnainn, Zürich, Praha, Düsseldorf is msaa) a bharrachd air obair teagaisg. Bha e an sàs grunn fhilmichean a fhuair duaisean a bharrachd air sin agus bidh e ag obair còmhla ri telebhisean na Slòbhaice.

Tha e air a bhith ag obair còmhla ris an taigh-chluiche Kontra-Punkt fad 10 bliadhna is còmhla ris an Urr. Milan Sládek, am balbh-chluicheadair a tha ainmeil air feadh an t-saoghail.

Tha Jan Kocman 'na bhall nan triùir dhaoine ealain de STROMY (Craobhan) a fhuair duais "Entdeckung der Saison" (Nua-Lorg na Ràithe) bho luchd-naidheachd is luchd-breithneachaidh dràmadachd na Slòbhaice ann an 2000.

Bidh e an sàs dealbhadh shanasan airson thaighean-cluiche cuideachd a bharrachd air obair mar fhear nan culaidh. Tha buaidh dràma phupaidean follaiseach 'na obair-dhràma an-còmhnaidh agus buaidh prionnsabalan an dràma is an dràma-dannsa. Tha buaidh is spreigeadh grunn chultaran a' dol am measg a chèile agus a' tighinn còmhla ann am fuasglaidhean sìmplidh aig a bheil comharradh càileachd sàr-phroifeiseanta shònraichte a tha drùidhteach is eisteadaigeach.


Eachdraidhean Beatha


Malcolm
Maclean

Lew
Bogdan

David Paul
Graham

Jean-Paul
Dessy

Iain Finlay
Macleod

Jan
Kocman

Frank
Schulz

Gilles
Combet

Geneviève
Mazin

Fabrice
Guillot

Tatiana
Stepantchenko

Ferdinand
Götz

Anna
Murray

Alyth
McCormack

Michael
Klevenhaus